Òran

anail mo bheatha,

anail mo bhithe

(anail mo bheatha)

a' gairm nam anam

's a togail mo chridhe

('s a togail mo chridhe)

's mi nam sheasamh ma d' choinneamh

gun fhiamh, gun mhiann

('s mi nam sheasamh ma d' choinneamh)

thig uallach na maidne

nuair dh' èireas a 'ghrian

(nuair dh' èireas a 'ghrian)

òran, naomha, buan

tog gu h-àrd guth an t-sluaigh

òran, tha mi rèidh

èirich, èirich, bhàrr an t-sleibh

tha an salm mar lasair

a' boillsgeadh gach àite

(tha an salm mar lasair)

dh' fhosgail mo bhilean

nuair thòisich an latha

(nuair thòisich an latha)

òran, naomha, buan

tog gu h-àrd guth an t-sluaigh

òran, tha mi rèidh

èirich, èirich, bhàrr an t-sleibh

seinn, seinn, seinn

òran ùr, òran an ùir

coimhead a-mach air uinneag a' mhadainn

tron an fheasgar gu doras na h-oidhche

dh'fhaighneachd mi na ceistean

's bha freagairt an uisge nan lochan

's an talamh àrd

Vyšlo na albech