Cearcal a' Chuain

Tha sinn uile air cuan

Stiùireadh cuairt troimh ar beatha

A' seòladh geòla dhorch

Air chall an grèim na mara

Tha a' ghaoth air ar cùl

Tha a' gheòl a' cumail roimhe

'S cha dèan uair no an cuan

Toinisg dhuinn no rian

A' mhuir tha i ciùin

Tha i fiadhaich tha i farsainn

Tha i àlainn tha i dìomhair

Tha i gamhlasach is domhainn